Airson an tionndadh as ùire dhen fhaidhle readme, thoir sùil air http://www.openoffice.org/welcome/readme.html
Tha fiosrachadh cudromach mun phrògram seo san fhaidhle seo. Feuch is leugh e gu cùramach mus tòisich thu air a chleachdadh.
Bu mhath le coimhearsnachd OpenOffice.org (a tha an urra ri leasachadh a' bhathar seo) cuireadh a thoirt dhut pàirt a ghabhail mar bhall na coimhearsnachd. Mar chleachdaiche ùr de OpenOffice.org, gheibh thu fiosrachadh cudromach air an làrach againn an-seo http://www.openoffice.org/about_us/introduction.html
Feuch is leugh na h-earrannan gu h-ìosal cuideachd mu chom-pàirteachas ann am pròiseact OpenOffice.org.
Tha OpenOffice.org saor an-asgaidh airson a h-uile duine. Tha cead agad an lethbhreac seo de OpenOffice.org a stàladh airson uiread a choimpiutairean a thogras tu agus a chum rud sam bith a thogras tu (a' gabhail a-steach cleachdadh malairteach, riaghaltais, rianachd phoblach agus oideachais). Thoir sùil air teacsa a' cheadachais a fhuair thu an cois OpenOffice.org airson barrachd fiosrachaidh no http://www.openoffice.org/license.html
Tha an lethbhreac seo de OpenOffice.org saor an-asgaidh dhut a chionn 's gun d' fhuair e taic dealbhaidh, deuchainnidh, eadar-theangachaidh, clàraidh, airgid is margaideachd o iomadh duine agus luchd-urrais corporra - a chuidich leinn air iomadh dòigh eile cuideachd - gus OpenOffice.org a thoirt gu buil agus 's e am bathar-bog le còd saor airson na h-oifis a tha air thoiseach air càch a tha ann an-diugh.
Ma tha meas agad air an obair a nì iad 's ma tha thu airson dèanamh cinnteach gum mair OpenOffice.org beò, nach cuir thu ris a' phròiseact? Faic http://contributing.openoffice.org airson mion-fhiosrachadh. Tha rudeigin aig a h-uile duine as urrainn dhaibh cur ris.
Feumaidh OpenOffice.org tionndadh ùr de Java mus obraich e gu tur agus a tha 'na phàirt de phacaid stàlaidh OpenOffice.org
Linux Kernel tionndadh 2.6.18 no nas ùire
glibc2 tionndadh 2.5 no nas ùire
gtk tionndadh 2.10.4 no nas ùire
PC a tha co-chòrdail le Pentium (molar Pentium III no Athlon)
256 MB RAM (molar 512 MB RAM)
Suas gu 1.55 GB de dh'àite saor air a' chlàr-chruaidh
X Server le dùmhlachd-bhreacaidh 1024x768 (molar dùmhlachd-bhreacaidh nas motha), le 256 dath air a' char as lugha
Manaidsear nan uinneagan
Gnome 2.16 no nas ùire, le gail 1.8.6 agus pacaidean at-spi 1.7 air a bheil feum a chum innealan Assistive Technology (innealan AT)
Tha iomadh distro de Linux ann agus tha diofar roghainnean ann fiù am broinn an dearbh distro (KDE vs Gnome is mar sin air adhart). Thig cuid dhe na distros le tionndadh de OpenOffice.org 'nam broinn agus faodaidh gum bi feartan eile ri làimh ann an coimheas ris an tionndadh de OpenOffice.org againne. 'S urrainn dhut OpenOffice.org na coimhearsnachd seo a stàladh ri taobh an fhir "native" uaireannan. Ach mar is trice, b' fheairrde dhut an tionndadh "native" a thoirt air falbh mus stàlaich thu tionndadh na coimhearsnachd sep. Thoir sùil air an treòrachadh a fhuair thu leis an distro agad airson faighinn a-mach mar a nì thu sin.
Molar gun dèan thu lethbhreac-glèidhidh dhen t-siostam agad mus doir thu air falbh no mus stàlaich thu bathar-bog.
Dèan cinnteach gu bheil cuimhne shaor gu leòr agad san eòlaire sealach agad agus gu bheil cead leughaidh, sgrìobhaidh is ruith ann mar bu chòir. Dùin gach prògram eile mus tòisich thu air an stàladh.
Chaidh einnsean stòr-dàta Berkeley ùrachadh san tionndadh seo de OpenOffice.org. Tha seo a' toirt a-steach mì-chòrdalachd a thaobh dàta cleachdaiche ann an leudachain stàlaichte airson tionndaidhean de OpenOffice.org a tha nas sine na 3.2 agus dh'fhaoidte gum bi agad ris a chàradh ma thilleas tu do thionndadh nas sine de OpenOffice.org.
Iompaichidh an tionndadh seo de OpenOffice.org stòr-dàta nan leudachan agad 'na fhòrmat Berkeley ùr nuair a stàlaicheas tu leudachain no nuair a bheir thu air falbh iad. Cha ghabh an stòr-dàta a chleachdadh ann an tionndaidhean nas sine de OpenOffice.org as dèidh an iompachaidh. Dh'fhaoidte nach obraich an stàladh tuilleadh ma thilleas tu gu tionnadh nas sine.
Ma thilleas tu gu tionndadh nas sine de OpenOffice.org, feumaidh tu eòlaire dàta a' chleachdaiche {user data}/uno_packages a thoirt air falbh, mar eisimpleir ~/.openoffice.org/3/user/uno_packages agus a stàladh as ùr airson gach leudachan.
Ma bhios trioblaid agad OpenOffice.org a chur gu dol (gu h-àraidh le Gnome) dèan 'unset' air caochladair àrainneachd SESSION_MANAGER am broinn an shell a chleachdas tu gus OpenOffice.org a chur gu dol. Ma chuireas tu an loidhne "unset SESSION_MANAGER" ri toiseadh sgriobt soffice shell ann an eòlaire "[office folder]/program", thèid agad air seo a dhèanamh.
Ma bhios duilgheadas ann le tòiseachadh OpenOffice.org (m.e. reòthadh de dh'aplacaidean) no duilgheadasan le taisbeanadh na sgrìn, 's e draibhear na cairt ghrafaigeach a dh'adhbharaicheas gu tric. Ma thachras seo, ùraich draibhear na cairt ghrafaigeach agad no feuch an draibhear a fhuair thu leis an t-siostam obrachaidh agad. Ma bhios duilgheadas ann le sealltainn de dh'oibseactan 3D, gheibhear fuasgladh air seo gu tric le bhith a' cur à comas "Cleachd OpenGL" fo "Innealan- Roghainnean - OpenOffice.org - Sealladh - Sealladh 3D".
Chan urrainn dhut iuchraichean ath-ghoiridean (sreathan sònraichte de dh'iuchraichean) a chleachdadh ann an OpenOffice.org ach an fheadhainn nach eil an siostam obrachaidh a' cleachdadh. Mur eil ath-ghoirid ann an OpenOffice.org ag obair mar a tha Cobhair OpenOffice.org ag innse dhut, thoir sùil ach a bheil e 'ga chleachdadh leis an t-siostam obrachaidh agad mu thràth. Air neo 's urrainn dhut cha mhòr gach ath-ghoirid ann an OpenOffice.org atharrachadh. Airson barrachd fiosrachaidh mun chuspair seo, leugh Cobhair OpenOffice.org no na sgrìobhainnean cobharach am broinn an t-siostaim obrachaidh agad.
Tha glasadh fhaidhlichean an comas a ghnàth ann an OpenOffice.org. Feumaidh an daemon glasaidh airson cliantan NFS a bhith gnìomhach air lìonra a chleachdas am pròtacal Network File System (NFS). Gus glasadh fhaidhlichean a chur à comas, deasaich an sgriobt soffice agus atharraich an loidhne "export SAL_ENABLE_FILE_LOCKING" gu "# export SAL_ENABLE_FILE_LOCKING". Ma chuireas tu glasadh fhaidhlichean à comas, bidh cead sgrìobhaidh aig duine sam bith seach dìreach a' chiad duine a dh'fhosgail sgrìobhainn àraidh.
Rabhadh: Ma bhios glasadh fhaidhlichean an sàs, faodaidh gun adhbharaich seo duilgheadasan le Solaris 2.5.1. agus 2.7 air Linux NFS 2.0. Mas e siostam mar sin a tha agad, mholamaid dhut gu mòr gun seachainn thu glasadh fhaidhlichean. Mura seachainn, reothaidh OpenOffice.org nuair a dh'fhosglas tu faidhle o eòlaire air muin NFS o choimpiutair Linux.
Airson barrachd fiosrachaidh a thaobh feartan so-inntrigeachd ann an OpenOffice.org, thoir sùil air http://www.openoffice.org/access/
Gheibh thu cobhair le OpenOffice.org air prìomh-làrach na taice http://support.openoffice.org/ . 'S mathaid gu bheil freagairt air do cheist mu thràth - feuch fòram na coimhearsnachd aig http://user.services.openoffice.org no dèan lorg ann an tasglannan nan liostaichean-puist "users@openoffice.org" aig http://www.openoffice.org/mail_list.html. Air neo, 's urrainn dhut ceist a chur gu users@openoffice.org. Tha stiùireadh air an duilleag seo a dh'innseas dhut mar a nì thu fo-sgrìobhadh (ach am faigh thu freagairtean): http://wiki.services.openoffice.org/wiki/Website/Content/help/mailinglists.
Thoir sùil air earrann nan CÀBHA cuideachd aig http://wiki.services.openoffice.org/wiki/Documentation/FAQ.
Tha làrach OpenOffice.org a' cleachdadh IssueZilla gus rian a chumail air duilgheadasan is fuasglaidhean. Tha sinn a' cur fàilte air duine sam bith aithris a dhèanamh air duilgheadasan ann. Cuidichidh e leinn gu mòr le leasachadh nam prògraman ma nithear aithris air duilgheadasan ann.
B' fheairrde coimhearsnachd OpenOffice.org do com-pàirteachas gnìomhach ann an leasachadh a' phròiseict chudromach seo ann an saoghal bathar-bog le còd fosgailte.
Mar chleachdaiche, tha thu 'nad bhall cudromach ann am pròiseas leasachaidh a' bhathar seo mu thràth agus bu toigh leinn brosnachadh a thoirt dhut fiù pàirt nas motha a ghabhail, gu h-àraid air an ùine fhada. Nach gabh thu pàirt ann 's tu a' toirt sùil air duilleag a' chom-pàirteachais aig http://incubator.apache.org/openofficeorg/get-involved.html
'S e fo-sgrìobhadh do chuid dhe na liostaichean puist aon dhe na h-àitichean as fhearr airson toiseach tòiseachaidh. Cum sùil orra fad greis agus cleachd tasg-lannan a' phuist gus am fàs thu nas eòlaiche air an iomadh chuspair a dhèilig sinn ris on a chaidh còd OpenOffice.org a shaoradh san Dàmhair 2000. Nuair a bhios tu co-fhurtail leis, cha leig thu leas an uairsin ach post-dealain a chur dhan liosta 's fàilte a chur air daoine agus bidh thu an teis-mheadhan na cùise an uairsin. Ma tha thu eòlach air pròiseactan còd fosgailte, thoir sùil air liostaichean nan rudan a tha ri dhèanamh ach a bheil dad ann as urrainn dhut cuideachadh leinn aig http://development.openoffice.org/todo.html.
Seo dhut cuid dhe na liostaichean-puist aig a' phròiseact as urrainn dhut fo-sgrìobhadh annta http://incubator.apache.org/openofficeorg/mailing-lists.html
Naidheachd: ooo-announce@incubator.apache.org *molar seo do chleachdaiche sam bith* (post beag)
Prìomh liost nan cleachdaichean: ooo-users@incubator.apache.org *dòigh fhurasta gus sùil a chumail air rudan* (post mòr)
Pròiseact margaideachd: ooo-marketing@incubator.apache.org *rudan a bharrachd air leasachadh* (am post a fàs mòr)
Liosta choitcheann airson luchd-còdachaidh: ooo-dev@incubator.apache.org (post meadhanach/mòr)
'S urrainn dhut taic mhòr a chumail ris a' phròiseict chudromach seo ann an saoghal bathar-bog le còd fosgailte, fiù mur eil ach beagan eòlais agad air dealbhadh bathar-bog no còdachadh. Seadh, thusa!
Gheibh thu foir-shealladh air na rudan as urrainn dhut pàirt a ghabhail annta air http://incubator.apache.org/openofficeorg/get-involved.html, eadar eadar-theangachadh, dearbhadh càileachd is taic dhan luchd-chleachdaidh agus còdachadh. Mur eil thu 'nad leasaichear, feuch am pròiseact treòrachaidh no margaideachd. Tha pròiseact margaideachd aig OpenOffice.org a' cur gu feum iomairtean tradaiseanta is guerilla gus bathar-bog le còd fosgailte a bhrosnachadh agus tha sinn a' dèanamh seo ann an iomadh cànan 's cultar. Cuidichidh tu lein fiù mura dèan thu ach innse do charaid mun phrògram seo.
Gabh pàirt air liosta-phuist na margaideachd sa chiad dol a-mach (ooo-marketing@incubator.apache.org) no tadhail air lìonra fiosrachadh is conaltradh na margaideachd air http://marketing.openoffice.org far an urrainn dhut innse dhuinn dè na h-àitichean as fhearr 'nad dhùthaich is 'nad choimhearsnachd airson conaltradh a dhèanamh leis na naidheachdan, na meadhanan, buidhnean an riaghaltais, sgoiltean, buidhnean luchd-cleachdaich Linux is luchd-leasachaidh.
Tha sinn an dòchas gun gabh thu tlachd 'nad obair le OpenOffice.org 3.4.1 agus gum faic sinn thu air loidhne.
Coimhearsnachd OpenOffice.prg
For detailed information about used and or modified source code see the NOTICE file whihc is part of the installation.